Skip to main
08 September 2022

Tha Plana Gàidhlig ùr air fhoillseachadh le Leasachadh Sgilean na h-Alba

Employers Learning providers Skills planning

Tha Plana Gàidhlig ùr air fhoillseachadh le Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) a’ taisbeanadh mar a bhios am buidheann ag adhartachadh a’ chànain agus a’ meudachadh a chleachdaidh agus ionnsachaidh.   

Tha am Plana Gàidhlig 2022-2025 mar an trìtheamh eagran den phlana, a’ togail air eòlas SDS ann am buileachadh phlanaichean eile roimhe seo, agus a’ gabhail a-steach barrachd ghnìomhachdan àrd-amasach do SDS san àm ri teachd. 

Tha am plana a’ mìneachadh structar foirmeil airson ar taic don Ghàidhlig, le iomairtean ùra agus targaidean soilleir, a’ taisbeanadh dealas làidir tro SDS air fad a thaobh na Gàidhlig fhaicinn a’ soirbheachadh.

Tha e a’ leantainn air adhart a’ taisbeanadh ar dealais mar bhuidheann gu: 

  •  Cleachdadh na Gàidhlig a mheudachadh 

  •  Ionnsachadh na Gàidhlig a mheudachadh 

  •  Ìomhaigh dheimhinneach don Ghàidhlig a chur air adhart. 

Tha pàirt gun choimeas aig a’ Ghàidhlig ann an dearbh-aithne agus cultar na Gàidhlig, agus tha e aithnichte o chionn fhada gu bheil i a’ cur tabhartas tomhaiseil agus deimhinneach ri ar coimhearsnachdan, ar margaid obrach, gnothachasan agus an eaconamaidh.

Gaelic
Tha SDS a’ cuimseachadh air co-obrachadh nas motha a choileanadh tarsainn cruth-tìre ionnsachaidh is sgilean agus leanar air adhart ag obair gu dlùth le Riaghaltas na h-Alba agus le buidhnean com-pàirteachais, gus aithne don Ghàidhlig adhartachadh mar phàirt bhunaiteach de chultar is dualchas agus de eaconamaidh na h-Alba ann am farsaingeachd.

Damien Yeates

Àrd-Oifigear SDS

A’ togail air ar n-obair gu ruige seo, leanaidh SDS a’ toirt raon de phrìomh ghnìomhachdan air adhart, a’ cuimseachadh air feumalachdan dhaoine fa leth, gnothachas agus an eaconamaidh, a’ comasachadh àm teachdail seasmhach do Ghàidhlig ann an Alba.  

Tha SDS dealasach a thaobh taic agus leasachadh air a’ Ghàidhlig, agus mar bhuidheann nàiseanta ann an Alba, is e ar dleastanas cur ri aithne don Ghàidhlig mar so-mhaoin eaconamach agus cultarach do na h-uile.  

Chaidh am plana ullachadh fo Earrann 3 de Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus chaidh aontachadh le Bòrd na Gàidhlig air 30 Lùnastal 2022. 

Plana Gàidhlig 2022-25