Taic ga thabhach do chòrr air 144,000 sgoilear ann an Alba le an toraidhean, ann an 2023
Tha sgoilearan na h-Alba gu bhith a’ faotainn toraidhean nan deuchainnean Àrd-Ìre, Nàiseanta agus Sàr Àrd-Ìre air 8mh Lùnastal 2023.
Tha sgoilearan na h-Alba gu bhith a’ faotainn toraidhean nan deuchainnean Àrd-Ìre, Nàiseanta agus Sàr Àrd-Ìre air 8mh Lùnastal 2023.
Bidh e comasach do suas ri 144,000 sgoilear – còmhla ri pàrantan agus luchd-cùraim – air taic fhaighinn le an toraidhean tro loidhne-cobhair sònraichte a bhios a’ tabhach comhairle neo-phàirteach mu dhreuchdan, air a chur air bhonn le Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS).
Bidh barrachd na 30 comhairliche dhreuchdan eòlach bho air feadh Alba a’ dèiligeadh ri Loidhne-cobhair Leasachadh Sgilean na h-Alba air 0808 100 8000, agus bidh i beò bho 8m air Dimàirt an 8mh Lùnastal airson ceithir làithean gus neach sam bith a chuideachadh aig am bi feum air taic le an roghainnean agus na h-ath cheumannan.
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Jenny Gilruth: “Faodaidh latha nan toraidhean a bhith gu math faireachail do sgoilearan, pàrantan agus luchd-cùraim, agus mar sin faodaidh cothrom air labhairt dìreach ri cuideigin as urrainn comhairle eòlach neo-phàirteach mu do roghainnean a thoirt seachad, a bhith anabarrach luachmhor.
“Ge ’r bith dè na toraidhean, tha roghainnean a-muigh an-siud dhuibh uile. Mholainn do neach sam bith air a bheil dragh, gè ’r bith dè cho beag, fònadh gu eòlaichean dhreuchdan SDS air 0800 100 8000 ma bhios feum agaibh air comhairle no misneachadh.”
Bidh comhairlichean SDS ri làimh gus comhairle a thabhach mu na roghainnean uile a tha rim faotainn às dèidh sgoile, a’ gabhail a-steach colaistean is oilthighean na RA, Dearbhadh is Aonta, preantasachdan, obraichean agus obair shaor-thoileach.
Bidh an loidhne-cobhair fosgailte 12 uairean a thìde san latha airson a’ chiad dà latha, (8m gu 8f air an 8mh agus 9mh Lùnastal), agus an uair sin uairean obrach àbhaisteach airson an dà latha mu dheireadh (9m gu 5f air an 10mh agus 11mh Lùnastal).
Thuirt Sharon Nic an t-Saoir, Ceannard Fiosrachadh Dhreuchdan, Comhairle agus Stiùireadh aig a’ bhuidheann sgilean nàiseanta: “Tha e glè chudromach daoine a mhisneachadh ge ’r bith dè an toraidhean, gum bi ar comhairlichean an sin gus comhairle eòlach a thoirt seachad mu leud nan roghainnean a tha fosgailte dhaibh.
“Bidh timcheall air 80% de na gairmean-fòn a’ tighinn a-steach sa chiad dà latha den loidhne-cobhair, agus sin an t-adhbhar gu bheil sinn air na h-uairean a leudachadh thairis air a’ chiad dà latha.
“Ach fiù an dèidh don Loidhne-cobhair Thoraidhean a dùnadh, faodaidh daoine de gach aois comhairle fhaighinn aig àm sam bith bho ar comhairlichean dhreuchdan air feadh na dùthcha, anns an sgoil no tro thogalaichean ionadail agus coimhearsnachd, a thuilleadh air air-loidhne aig Mo Shaoghal Obrach. Is e 0800 917 8000 an àireamh a bu chòir a chleachdadh an dèidh don loidhne-cobhair dùnadh.”