A’ chiad tachartas dhreuchdan ann an Gàidhlig do phàrantan is luchd-cùraim
Tha Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) a’ tabhann a’ chiad oideachadh-lìn aca a-riamh ann an Gàidhlig gus cuideachadh a thoirt do phàrantan is luchd-cùraim sgoilearan a tha a’ beachdachadh air an cànan ionnsachadh no a tha ag ionnsachadh a’ chànain gu làithreach.
Bidh an seisean bhiortail (Diciadain 8 Gearran aig 6:30f) a’ co-roinn fiosrachadh mu sheirbheis dhreuchdan na h-Alba a thuilleadh air togail air na buannachdan co-cheangailte ri bhith ag ionnsachadh Gàidhlig airson obraichean san àm ri teachd.
Thuirt Derek MacCoinnich, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig SDS: “Is e seo a’ chiad uair a tha sinn air tachartas air-loidhne a lìbhrigeadh do luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh Alba air fad.
Tha tachartasan roimhe air a bhith a’ cuimseachadh air ceàrnaidhean ionadail sònraichte le àireamh àrd sa cheud de luchd-labhairt Gàidhlig.
“Bheir an seisean seo comhairle do phàrantan agus luchd-cùraim sgoilearan ann am P7 gu ÀS3 air feadh na dùthcha gu lèir, mun raon fharsaing de chothroman dhreuchdan a tha rim faotainn ann an Gàidhlig.
“Tha prìomh àiteachan cosnaidh far am faod Gàidhlig a bhith na buannachd, gu h-àraid ann am foghlam, a’ gabhail a-steach cùram-chloinne agus tràth-bhliadhnaichean; roinnean cruthachail is ealain; seirbheisean eadar-theangachaidh is leasachadh cànain, agus turasachd is aoigheachd.”
Faodaidh daoine a thighinn don t-seisean air-loidhne a-mhàin air Diciadain 8 Gearran aig 6:30f le clàradh an seo.