Skip to main
10 July 2023

Bursaraidh Teagaisg a-nis a’ gabhail a-steach cuspairean

Gheibh daoine a tha ag iarraidh ath-thrèanadh mar thidsearan Gàidhlig ann am foghlam bun-sgoile agus àrd-sgoile a-nis buannachd bhon sgeama Bursaraidh Teagaisg.

My World of Work Making Skills Work CIAG STEM Rural Scotland Scotland's career services

Gheibh daoine a tha ag iarraidh ath-thrèanadh mar thidsearan Gàidhlig ann am foghlam bun-sgoile agus àrd-sgoile a-nis buannachd bhon sgeama Bursaraidh Teagaisg.

Chaidh an sgeama fhosgladh air a’ mhìos a chaidh le Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh a bhith ag ath-thrèanadh mar thidsearan anns na cuspairean as motha air a bheil iarrtas, agus tha e a-nis a’ toirt a-steach Gàidhlig còmhla ri cuspairean STEM.

Tha am bursaraidh £20,000 ri fhaighinn do dhaoine a tha ag atharrachadh dreuchd anns an ath bhliadhna acadaimigich fhad ’s a bhios iad ag ionnsachadh airson PGDE anns na cuspairean iomchaidh.

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann phoblach le uallach airson leasachadh na Gàidhlig ann an Alba, air fàilte a chur air a’ chànan a bhith am measg nan cuspairean a gheibh buannachd bhon taic.

Thuirt Iain Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Leasachaidh, Bòrd na Gàidhlig: “Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig na phrìomh bhunait de leasachadh na Gàidhlig agus tha àrdachadh san àireimh dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig na phrìomhachas ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

"Tha e air leth feumail gum bi an leithid de thaic ann do dhaoine a tha airson a bhith nan tidsearan Gàidhlig.”

Tanya Howden At Hearts Fc 9322 2394

Tha Tanya Howden, à Dùn Èideann, air feum a dhèanamh den bhursaraidh, agus i a' trèanadh mar thidsear Saidheans Coimpiutaireachd. Thuirt i: “Tro bhith ag obair le sgoiltean agus a’ faicinn na buaidh a bha againn thuig mi gur e seo an t-àm ceart a dhol a-steach gu teagasg.

“Ach às aonais a’ bhursaraidh bhiodh cùisean air a bhith gu math eadar-dhealaichte.

"Tha e tòrr nas duilghe tuarastal làn-ùine a leigeil seachad aon uair ’s gu bheil thu cleachdte ris, agus dol air ais gu bhith nad oileanach a-rithist.

“Tha tòrr obrach acadaimigich ri dhèanamh sa bhliadhna, agus mar sin chan urrainnear a bhith ag obair pàirt-ùine.

"Feumar a bhith ri trèanadh teagaisg fad na h-ùine.

"Tha am bursaraidh air uallach mòr a thogail bhuam.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhail air https://teachingbursaryinscotland.co.uk/