Skip to main

Bursaraidh Teagaisg a’ cuideachadh Chaitrìona gu atharrachadh dreuchd

Tha neach aig an robh dreuchd mar ailtire air mìneachadh mar a tha cothrom air bursaraidh teagaisg a’ ceadachadh dhi a h-àrd-mhiann air a bhith na tidsear, a choileanadh.

Bha Caitrìona NicDhòmhnaill air a bhith ag obair ann an Glaschu airson 10 bliadhna agus air na sia bliadhna a dh’fhalbh a chuir seachad an lùib obair oideachaidh aon latha san t-seachdain ann an Oilthigh Shrath Chluaidh, nuair a cho-dhùin i gun robh feum aice air a dreuchd atharrachadh.

Thuig Caitrìona, a tha à Uibhist a Tuath, ged a bha a dreuchd a’ còrdadh rithe, gum b’ e an latha a bha i an sàs ann an obair oideachaidh an latha a b’ fheàrr leatha san t-seachdain.

Catriona Macdonald

Thuirt i: “Ged a bha mo dhreuchd a’ còrdadh rium a thaobh cruthachalachd agus cruthachadh fharsaingeachdan is àiteachan a bheireadh piseach air beatha dhaoine, thuig mi gum b’ e oideachadh an roghainn a b’ fheàrr leam.

“Chan fheumainn a bhith a’ dealbhadh airson faireachdainn gun robh mi coileanta, b’ fheàrr leam a bhith a’ furastachadh agus a’ cuideachadh chàich airson sin a dhèanamh, bha e dìreach a’ faireachdainn mòran nas sàsachaile.

“Thug sin orm smaoineachadh gur dòcha gur e nì a bha seo a bu mhath leam a leantainn làn-thìde, agus b’ ann an uair sin a thòisich mi a’ beachdachadh air dreuchd ann an teagasg. Aig an àm sin cuideachd, bha mi a’ smaoineachadh air gluasad air ais a dh’Uibhist a Tuath.”

Cho-dhùin Caitrìona com-pàirt a ghabhail sa chùrsa bun-sgoile airson Dioplòma Foghlaim Iar-Cheumnach (PGDE) ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bha sgoilearachd làn-thìde a’ ciallachadh cuideachd a h-obair a thoirt suas, nì a bha na shuidheachadh dùbhlanach dhi. Chuala i an uair sin mun Bhursaraidh Teagaisg tro charaid teaghlaich, agus rinn i tagradh airson taic tro a bliadhna ionnsachaidh.

Air fhosgladh do thagraichean ùra san Iuchar 2024 le Leasachadh Sgilean Alba (SDS), tha am bursaraidh de £20,000 ri fhaotainn le luchd-atharrachaidh dhreuchdan sa bhliadhna ùr acadaimigeach fhad ’s a tha iad a’ sgrùdadh airson PGDE ann am Matamataig, Saidheans Coimpiutaireachd, Foghlam Teicneòlasach, Eòlas-fiosaig, Ceimigeachd, Eaconamas Dachaigh, Gàidhlig agus Nuadh-Chànanan.

Thuirt Caitrìona: “Chuala mi mun bhursaraidh tro dhaoine eile. Bha agam ri meòrachadh air mar a chumainn mi fhìn suas tron bhliadhna sgoilearachd. Chaidh ceangal a chuir thugam chun an fhiosrachaidh agus chunnaic mi gun robh e a’ còmhdach iadsan a bha airson sgoilearachad ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus mar sin cho-dhùin mi tagradh air a shon. Bha am pròiseas tagraidh airson a’ bhursaraidh furasta gu leòr.

“Gun teagamh sam bith, bha am bursaraidh na adhbhar co-dhùnaidh dhomh an cùrsa a ghabhail os làimh.  Chan eil mi cinnteach ciamar a bhithinn air soirbheachadh tron bhliadhna às aonais, tha mi cho taingeil gun robh e fosgailte dhomh.”

Tha Caitrìona air a bliadhna sgoilearachd a chrìochnachadh agus tha i a’ coimhead air adhart ri tòiseachadh air a bliadhna pròbhaidh a’ teagasg ann am bun-sgoil san sgìre aice fhèin. Tha i ag ràdh: “An dèidh a bhith a’ fuireach ann an Glaschu sna 15 bliadhna mu dheireadh, chan eil mi air a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig tric! Mar sin, tha mi a’ dèanamh fiughair ri a cleachdadh a-rithist nam dhreuchd ùir.”

Faigh a-mach tuilleadh mun bhursaraidh teagaisg aig teachingbursaryinscotland.co.uk