Tachartas dreuchdan Gàidhlig ‘Siuthad!’ a’ tilleadh gu Cùirt an Easbaig
Thàinig luchd-labhairt òga na Gàidhlig bho àrd-sgoiltean air feadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd còmhla aig Cùirt an Easbaig ann an Inbhir Nis air Diciadain 30 Dàmhair airson tachartas dreuchdan Gàidhlig.
Thàinig luchd-labhairt òga na Gàidhlig bho àrd-sgoiltean air feadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd còmhla aig Cùirt an Easbaig ann an Inbhir Nis air Diciadain 30 Dàmhair airson tachartas dreuchdan Gàidhlig. Chaidh an tachartas, a tha a-nis aon bliadhna deug a dh’aois, a chur air dòigh le Leasachadh Sgilean na h-Alba (LSA) agus Comhairle na Gàidhealtachd, le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig.
B’ e amas an tachartais fiosrachadh a thoirt seachad do sgoilearan mu dhreuchdan Gàidhlig agus mu na cothroman a tha rim faotainn ann an diofar roinnean sa mhargaidh obrach, far a bheil sgilean Gàidhlig nam buannachd. Bha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an ÀS2 agus ÀS3 an làthair agus bha cothrom aca barrachd fhaighinn a-mach mu chothroman ann am foghlam adhartach is àrd-ìre far am faodadh sgilean Gàidhlig dorsan fhosgladh gu soirbheachas.
Chaidh an tachartas fhosgladh le Calum MacFhearghais bho Alba FA, neach-labhairt Gàidhlig à Inbhir Nis a tha ainmeil sa choimhearsnachd spòrs. Bhruidhinn esan mu na dòighean san robh a’ Ghàidhlig air a bhith buannachdail san dreuchd aige fhèin.
Bha luchd-taisbeanaidh ann cuideachd bho ghrunn bhuidhnean a leithid NHS na Gàidhealtachd, NàdarAlba, Oilthigh Dhùn Èideann, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Coimisean na Croitearachd, agus Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI).
Ghabh sgoilearan pàirt ann an grunn bhùithtean-obrach eadar-obrachail agus choinnich iad ri riochdairean bho dhiofar roinnean a leithid na gnìomhachasan cruthachail, foghlam, craoladh agus an roinn phoblach. Dh’inns iad mun obair a tha iad a’ dèanamh agus na slighean a lean iad anns na dreuchdan aca fhèin.
Bha bùithtean-obrach ann leis a’ BhBC, Fèisean nan Gàidheal, agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Bha tosgairean òga na Gàidhlig cuideachd a’ bruidhinn ri sgoilearan mun obair aca agus mu na dòighean anns a bheil cleachdadh cànain air an t-slighe dhreuchdail aca fhèin a chuideachadh.
Tha tachartasan mar seo cudromach ann a bhith a’ toirt am follais nan cothroman a tha fosgailte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha iad cuideachd a’ sealltainn gu bheil raon farsaing dhreuchdan rim faotainn dhaibh agus gun fhiach beachdachadh orra airson an ama ri teachd.
Derek MacCoinnich
Thuirt Oifigear Leasachaidh Gàidhlig LSA
Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd:
“Tha mi fìor thoilichte gun deach an tachartas a chumail ann an Cùirt an Easbaig uair eile agus gu bheil sinn a’ sìor thogail air an deagh obair chom-pàirteach eadar Comhairle na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig agus Leasachadh Sgilean na h-Alba. Tha buannachdan mòra an lùib a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an saoghal na h-obrach seach gu bheil seo a’ cruthachadh chothroman dreuchdail. Tha mòran obraichean Gàidhlig is cultarach ann an-dràsta ann an iomadh roinn a leithid riaghaltas ionadail, an roinn phoblach – a’ gabhail a-steach an NHS, teagasg is tràth-bhliadhnaichean, gnìomhachasan cruthachail, gnìomhachasan ùra, roinn na h-àrainneachd, agus na meadhanan sòisealta.
“B’ e cothrom air leth a bha seo do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig bho sgoiltean air feadh sgìrean na Gàidhealtachd – bho Àird nam Murchan gu Alanais – ceangal a thogail le com-pàirtichean agus tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air cothroman airson dreuchdan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig. Tha fios agam gun robh sgoilearan dhen bheachd gun robh an tachartas an dà chuid fiosrachail is tlachdmhor.”
Thuirt Olivia Nic an Tòisich, sgoilear ÀS3 ann an Acadamaidh Bhaile Theàrlaich, a bha an làthair:
“Bha latha nan dreuchdan Gàidhlig spòrsail agus a’ gabhail a-steach iomadh rud. Chuala sinn mu na buannachdan a tha an lùib a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig, agus na h-obraichean no na cùrsaichean a chuidicheas tu gus sgilean a thoirt air adhart sa chànan. Bha cothrom aig mòran againn na sgilean cànain is sòisealta againn a ghleusadh agus bha cothroman ann coinneachadh ri daoine ùra. Chòrd e glan rinn, agus mholainn do dhuine sam bith a dhol ann.”
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho derek.mackenzie@sds.co.uk no Margaret.Mulholland@highland.gov.uk