Seòladh a dh’ionnsaigh dhreuchdan beatha aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail
Bha cothrom aig daoine òga air bòrd aiseag Calmac eadar an t-Òban agus Muile air slighe a chomharrachadh gu dreuchd-beatha shoirbheachail, mar thoradh air Mo Shaoghal Obrach Beò.
Tha Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS), a tha a’ ruith prògram Mo Shaoghal Obrach Beò, ann an com-pàirteachas le Calmac gus seisean crann gaoithe Build a LEGO© a thabhann do luchd-siubhail òg air aiseagan an fheasgair eadar an t-Òban agus Muile, mar phàirt den Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Tha an seisean LEGO© a’ cur dhaoine òga an aithne do na sgilean a tha riatanach airson obair mar innleadair agus a’ fosgladh suas saoghal de chothroman dreuchdail mu choinneamh an ama ri teachd. Leis a’ ghnìomhachd seo, tha na daoine òga a’ faighinn an làmhan air an LEGO© gus an crann-gaoithe obrachail a b’ fheàrr agus a b’ urrainn dhaibh, a dhealbhadh agus a thogail anns an ùine a bh’ aca air an aiseag.
Bha na crainn gaoithe an uair sin air an cur fo dheuchainn, a dh’fhaicinn dè an uimhir de chumhachd a ghabhadh a thoirt gu buil, a’ toirt a’ ghnìomhachais beò tro sheisean dèantanach spòrsail. Bha comhairlichean eòlach Dhreuchdan SDS air bòrd a chonaltradh ri luchd-siubhail mu dheidhinn mar as urrainn dhaibh na h-ath cheumannan a ghabhail a thaobh an dreuchdan san àm ri teachd.
Thuirt Fionnadh Carroll, Comhairliche Mo Shaoghal Obrach Beò: “Faodaidh clàradh slighe a dh’ionnsaigh dreuchd san àm ri teachd a bhith a’ còimhead dùbhlanach. Tha Mo Shaoghal Obrach Beò a’ cuideachadh dhaoine òga ionnsachadh mu dhreuchdan-beatha tro sheiseanan eadar-obrachail spòrsail, a’ cleachdadh teicneòlas brosnachail.
“Tha mi air a bhith ag obair le daoine òga ann an àiteachan iongantach air feadh na Gàidhealtachd mar Chomhairliche Mo Shaoghal Obrach Beò, ach bidh seo air fhaicinn gun teagamh sam bith mar an dòigh as annasaiche.”
Thuirt Christine Roberts, Stiùiriche HR aig CalMac: “Bha sinn air leth toilichte com-pàirt a ghabhail ann a leithid de phròiseact ùr-ghnàthach aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo. Tha mòran de ar sgioba-obrach a’ còmhnaidh ann an coimhearsnachdan eileanach agus tha sinn dealasach a thaobh na ghabhas de chothroman fhosgladh a-mach do dhaoine òga gus tlachd fhaighinn à dreuchd aig CalMac. Bha a bhith com-pàirteach san iomairt spòrsail seo a’ coimhead mar dheagh chothrom nach b’ urrainn dhuinn a chall.”
Ghabh tuilleadh sheiseanan Mo Shaoghal Obrach Beò àite aig a’ Mhòd, nuair a thàinig Drònaichean ann an Togail (Drones in Construction) sìos gu talamh aig Cruinneachadh Earra-Ghàidheal, gu toileachas mòr nan com-pàirtichean òga.
Bha Comhairlichean Dhreuchdan SDS ri làimh cuideachd aig taisbeanadh a’ Mhòid.
Thuirt Marie Anne Weir, Stiùiriche Sgioba SDS: “Bha ar sgioba de chomhairlichean a conaltradh ri còrr air 500 neach thar dà latha den taisbeanadh, le cuimse làidir air dreuchdan ann an Gàidhlig agus a’ cleachdadh Gàidhlig.
“Bha cothrom ann air bruidhinn mu atharrachadh dreuchd, a’ cuideachadh le cothroman a lorg agus a’ tabhann comhairle air raon farsaing de chuspairean bho phreantasachdan gu maoineachadh.”
Thuirt Coinneach Combe, Oifigear Conaltraidh is Tachartasan Didseatach, An Comunn Gàidhealach: “Bha sinn air ar dòigh gun robh cothrom aig an òigridh ionnsachadh mu dheidhinn sgilean obrach agus dreuchdan Gàidhlig aig a’ Mhòd. Abair dòigh spòrsail air na sgilean seo a leasachadh!”