Seata innealan Sgilean-meata
Cha robh ùine ann roimhe far an robh e nas cudromaiche fòcas a dhèanamh air leasachadh sgilean nan òganach.
Bidh a’ solarachadh àrraineachd ionnsachaidh far a bheil; faicsinneachd nan sgilean, còmhradh brìoghmhor agus cnuasachadh air sgilean, agus an cothrom gus eòlasan nan sgilean a chur ann am pròifil a’ toirt taic do dh’òganaich leis an comas aca tuigsinn, aithneachadh agus mìneachadh leasachadh nan sgilean aca. Le bhith a’ gabhail seo a-steach na pàirt nàdarra ionnsachadh is teagasg làitheil bidh òganaich air am brosnachadh a bhith - luchd-ionnsachaidh soirbheachail, daoine misneachail, saoranaich earbsach agus com-pàirtichean èifeachdach - agus aig an deireadh a’ leigeil leotha an comas as motha a ruigsinn tron slighe ionnsachaidh aca agus air adhart.
Chaidh an seata innealan seo a leasachadh tro co-chomhairle le luchd-fhoghlaim agus com-pàirtichean eile gus sreath ghoireasan a chruthachadh a bhios a’ toirt taic do sgilean leabaichte an luchd-cleachdadh ann an dòigh so-riaghladh agus seasmhach.
Chan eil an dòigh-obrach seo riatanach agus chaidh an seata innealan a sholarachadh mar goireas airson an fheadhainn a bhios ag iarraidh taic, a bhios a’ strì airson ùine no beachdan, no a bhios a’ coimhead airson beagan grad-smuain agus stiùireadh nuair a tha iad a’ leasachadh an dòigh-obrach aca fhèin gus sgilean fhighe a-steach thar a’ churraicealaim air fad. Nach cleachdaibh iad mar a dh’iarras sibh.
Stiùireadh agus taic
Goireasan a mhìnicheas na dràibhearan air cùl seata innealan nan sgilean-meata agus a sholaraicheas stiùireadh air mar a dh’fhaodar an dòigh-obrach seo a leasachadh.
Frèam-obrach airson Adhartas
Eisimpleirean air mar am faodar sgilean-meata a leasachadh tro ìrean CfE bho thràth bhliadhnaichean gu àrd ìre
Lonnsachadh Proifeasanta
Goireasan ionnsachadh proifeasanta gus taic a thoirt do luchd-chleachdaidh a thaobh tuigse agus toirt gu buil
Planaichean an Leasain
Planaichean an leasain le duilleagan-obrach taic agus taisbeanaidhean a bheir taic do leasachadh nan sgilean
Innealan neach-ionnsachaidh
Innealan a bheir taic do luchd-ionnsachaidh gus meòrachadh air na sgilean aca agus aithneachadh an fheadhainn air am feum iad fòcas a dhèanamh airson leasachadh
Tòisichearan agus crìochan an leasain
Slaighdean a dh’fhaodadh a bhith air an cleachdadh le luchd-cleachdaidh gus taic a thoirt do fhaicsinneachd agus beachdachadh air sgilean-meata aig toiseach/crìoch nan leasanan.
Suidheagan an Leasain
Gnìomhachasan agus bhideothan ‘bhiteag’ a dh’fhaodadh a bhith air an cleachdadh le luchd-cleachdaidh gus leasachadh agus co-theacsa a bharrachd a thoirt air sgilean-meata.
Goireasan eile
Goireasan a bharrachd airson taic a thoirt do tuigse agus cosnachadh luchd-cleachdaidh/ionnsachaidh.
Cothroman co-obrachail
Ma tha ùidh agaibh a bhith a co-obrachadh comhla rinn, feuch an clàraich thu d’ ùidh agus bidh sinn air ais ann an conaltradh.
Clàraich d’ ùidhClàraich airson ar litir-naidheachd
Tha an litir-naidheachd againn a toirt fiosrachadh às ùr gu cunbhalach do thidsearan agus luchd-cleachdaidh air feadh Alba.
Cuir d’ainm risCuir fios gu sgioba an Fhoghlam
Cuir fios gu sgioba an Fhoghlam airson beachdachadh air de tha sibh feumach air agus ciamar as urrainn dhuinn taic a thoirt dhut le ar rùintean a thaobh foghlam dreuchdail.