Skip to main

Tòisichearan agus crìochan an leasain

Chaidh tòisichearan agus crìochan nan leasanan a leasachadh gus taic a thoirt do luchd-cleachdaidh faicsinneachd nan sgilean-meata a meudachadh taobh a-staigh ionnsachadh agus teagasg. 

Bheir iad cothroman do luchd-ionnsachaidh a ghabhail a-steach ann an còmhraidhean brìoghmhor mu leasachadh nan sgilean-meata aca agus tòiseachadh air ceanglaichean a dhèanamh eadar na h-eòlasan ionnsachaidh aca agus an saoghal obrach. 

Tòisichear an Leasain 

Faodaidh an teamplaid PowerPoint a ghabh a dheasachadh a bhith air a chleachdadh le luchd-cleachdaidh aig toiseach an leasain gus amasan ionnsachaidh agus slatan-tomhais airson soirbheachais a cho-roinneadh agus cuideachd solairidh e cothrom gus fòcas sònraichte a dhèanamh air na sgilean-meata a thèid an cleachdadh/leasachadh. 

Crìoch an Leasain 

Faodaidh an teamplaid PowerPoint a ghabh a dheasachadh a bhith air a chleachdadh le luchd-cleachdaidh aig deireadh an leasain gus ath-shùil a thoirt air na chaidh ionnsachadh agus solairidh e cothrom do luchd-ionnsachaidh gus beachdachadh agus meòrachadh air na sgilean-meata a chleachd/leasaich iad. Faodaidh cur ri pròifilean obrach dàimheil a thoirt co-theacsa a bharrachd don ionnsachadh. 

Ma tha sibh airson cuid de thòisichearan agus crìochan an leasain a chruthaich sibh leis na teamplaidean seo gus am faod sinn an cur ri an làimh airson luchd-cleachdaidh eile, nach cuiribh iad gu Sgioba an Fhoghlaim SDS aig education@sds.co.uk

Cothroman co-obrachail

Ma tha ùidh agaibh a bhith a co-obrachadh comhla rinn, feuch an clàraich thu d’ ùidh agus bidh sinn air ais ann an conaltradh.

Opens in a new window clàraich d’ ùidh

Clàraich airson ar litir-naidheachd

Tha an litir-naidheachd againn a toirt fiosrachadh às ùr gu cunbhalach do thidsearan agus luchd-cleachdaidh air feadh Alba.

Cuir fios gu sgioba an Fhoghlam

Cuir fios gu sgioba an Fhoghlam airson beachdachadh air de tha sibh feumach air agus ciamar as urrainn dhuinn taic a thoirt dhut le ar rùintean a thaobh foghlam dreuchdail.

Faigh a-mach tuilleadh